BONNACH TÌ - NAN MEASAN TIORAM
TÀTHCHUIDEAN
- 1 c / 240 ml tì dubh làidir
- 1 c / 150 g measan tioram measgaichte
- 1/2 c / 100 g siùcar donn
- 1 ugh
- 2-3 tbsp / 30-45 ml ìm leaghte no ola
- 1/2 tsp / 2–3 ml cainnel agus pinneag bheag cnò-mhùsg
- 2 c / 250 g flùr-èirigh
CEUMANNAN
- Bog na measan anns an tì theth – obraichidh beagan mhionaidean, tha uair no dhà nas fheàrr, agus ‘s thar na h-oidhche as fheàrr
- Na dòirt air falbh an tì
- Measgaich na tàthchuidean uile ach am flùr
- Cuir ris am flùr agus measgaich gu socair
- Fuine aig 325–350°F / 165–175°C airson 60-75 mionaidean
NOTA
- Faodar treacle a chleachdadh airson blas nas traidiseanta
- Ma tha thu a’ cleachdadh molasses Ameireaganach, cleachd molasses àbhaisteach - chan e “blackstrap” - agus measgaich e le siùcar, 1/4 c / 50 g gach fear
- Airson inneach nas buige, faodar an ìm leaghte a mheudachadh no a dhùblachadh